Brookfield logo in white

TUATHANAS-GAOITHE BHATARNAIS

WE'RE HIRING

Community Liaison Officer required

TAR-SHEALLADH

Tha Wind Development Holdings Earranta a’ beachdachadh air tuathanas-gaoithe a stèidheachadh air fearann ann an Griaisinis, air Rubha Bhatarnais, mu 4.5km an ear-thuath air Dùn Bheagan. Tha an làrach far am biodh an tuathanas-gaoithe air a dhèanamh suas gu ìre mhòr de choilltearachd choimeirsealta a bharrachd air talamh mòintich fosgailte mun cuairt oirre.

Bhiodh Tuathanas-gaoithe Bhatarnais na cheum eile air ar slighe nàiseanta a dh’ionnsaigh cothromachadh-carboin, a’ cruthachadh dealan glan, uaine, ath-nuadhachail agus a’ toirt dhuinn tèarainteachd lùths san àm ri teachd. Chruthaicheadh am moladh againn còrr is 50MW de chumhachd, agus mar sin, tha sinn ag ullachadh iarrtas dealbhaidh do dh’Aonad Ceadachdan Cumhachd Riaghaltas na h-Alba.

Aig an ìre seo thathar an dùil gum biodh suas ri 15 crainn-gaoithe ann le àirde iomlan suas ri 200m leis na sgiathan aig an ìre as àirde agus le comas còrr is 50MW de dhealan a chruthachadh.

Ag obair gu dlùth le muinntir an àite, buidhnean coimhearsnachd agus gnìomhachasan ionadail, ’s e am misean a th’ againn Tuathanas-gaoithe Bhatarnais a thogail mar stòras dhan choimhearsnachd ionadail, a’ gabhail a-steach rannsachadh air roghainnean seilbh coimhearsnachd.

Ma thèid aontachadh, cumaidh am pròiseact taic do phasgan buannachdan coimhearsnachd fad-ùine a bhios comasach air raon farsaing de dh’iomairtean a mhaoineachadh a bhiodh a rèir miannan ionadail agus a bhiodh air an sgaoileadh a rèir stiùireadh bhon choimhearsnachd ionadail.

Chithear an aithisg sgòpaidh againn airson Tuathanas-gaoithe Bhatarnais air duilleag nan Goireasan againn, far an taisbean sinn na stuthan as ùire co-cheangailte ris a’ phròiseact fhad ’s a tha e a’ dol air adhart.

TACHARTASAN COM-PÀIRTEACHADH COIMHEARSNACHD

Mus cuir sinn iarrtas sam bith a-steach gu Riaghaltas na h-Alba co-roinnidh sinn na molaidhean againn fhad ’s a tha iad gan cur ri chèile le prìomh luchd-ùidh agus leis a’ choimhearsnachd ionadail, tro thachartasan taisbeanaidh poblach, agus thèid ùrachaidhean a thaisbeanadh air an làraich-lìn seo.

Chùm sinn na ciad thaisbeanaidhean poblach againn aig deireadh a’ Mhàirt ann an Ùige agus ann am Bhatarnais agus chùm sinn na dàrna taisbeanaidhean poblach againn san t-Sultain san Aodann Bhàn, Bhatarnais agus Ùige. Chùm sinn cuideachd bùth-obrach dealbhaidh coimhearsnachd do riochdairean bho chomhairlean coimhearsnachd agus buidhnean ionadail as t-samhradh.

Mar luchd-leasachaidh tha sinn dealasach a thaobh a bhith a' cur air dòigh tuathan-gaoithe air tìr le dealbhadh thuigseach agus le bhith ag obair gu dlùth le coimhearsnachdan ionadail tron phròiseas. Tha deòin muinntir an àite a bhith a' com-pàirteachadh leinn na phrìomh phàirt den dòigh-obrach cho-obrachail againn.

Chithear lethbhreacan den fhiosrachadh a gheibhear aig na taisbeanaidhean poblach againn an seo cuideachd.

NA MOLAIDHEAN AGAINN

15 CRAINN-GHAOITHE

le àirde de suas ri 200m leis na sgiathan aig an ìre as àirde

CÒRR IS 50 MEGAWATT DE LÙTHS UAINE

a’ toirt cumhachd do c. 58,000 dachaigh gach bliadhna

A’ TOIRT SEACHAD ~ £ 360,000

de shochairean coimhearsnachd gach bliadhna

STÒRADH BATARAIDH A THA AIR THÒISEACH AIR CÀCH SA GHNÌOMHACHAS

a stòras an cumhachd ath-nuadhachail air an làraich agus a chuireas ris an dealan a thathar a’ cruthachadh nuair a tha na h-ìrean iarrtais as motha ann

COMAS GUS HAIDRIDEAN UAINE

a chruthachadh air an làraich

CLÀR-AMA

AN T-SAMHAIN 2022

Aithisg sgòpaidh air a cur a-steach

AM MÀRT 2023
Beachd Sgòpaidh air fhaighinn

Taisbeanadh poblach
An t-Ògmhios 2023

Bùth-obrach dealbhaidh coimhearsnachd ionadail.

SAMHRADH 2023

Public exhibition on revised proposals

AN DÀMHAIR 2023

Iarrtas dealbhaidh air a chur a-steach.

MU WIND DEVELOPMENT HOLDINGS EARRANTA

Brookfield logo in blue
Tha Wind Development Holdings Limited na fho-bhuidheann aig Brookfield Renewable, aon den luchd-leasachaidhean cumhachd ath-nuadhachail pure-play as motha san t-saoghal a tha air margadh nan earrannan. Tha am portfolio againn a’ gabhail a-steach goireasan dealan-uisge, cumhachd na gaoithe, cumhachd na grèine agus stòraidh dealain ann an Ameireaga a Tuath, Ameireaga a-Deas, an Roinn Eòrpa agus Àisia. Tha seo a’ gabhail a-steach còrr is 25,400 megawatt de chomas stàlaichte agus loidhne-pìoba leasachaidh de thimcheall air 110,000 megawatt de stòrasan cumhachd ath-nuadhachail, 8 millean tunna meatrach gach bliadhna de ghlacadh is stòradh carboin, 2 mhillean tunna de stuthan ath-chuairtichte agus 3 millean aonad teirmeach Breatannach de loidhne-phìoba gas nàdarra ath-nuadhachail.